Thàinig deich sgiobaidhean bho bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh Ceann a Deas na h-Alba airson Cupa Iomain na h-Òige Cheann a Deas na h-Alba 2023 air Dimàirt 21 An Gearran.

Bha an fharpais seo a’ tilleadh gu Acadamaidh Dhrochaid an Easbuig as dèidh latha soirbheachail an-uiridh. Bidh e a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig tro iomain agus fhuair a’ chlann agus na coidsichean sin a dhèanamh le gach sgioba a’ cluich an aghaidh a chèile. Thug Bun-sgoil Innis an Uillt 4 sgiobaidhean leotha agus riochdaich Bun-sgoil Taobh na Pàirce Dùn Èideann.

’S e Bun-sgoil Ghleann Dail A a bhuannaich Geall-dùbhlain Choille Dobhair as dèidh dhaibh a’ chùis a dhèanamh air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A sa gheam mu dheireadh. Ged a dh’fhuiling iad briseadh-dùil choisinn Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A Duais na Gàidhlig. ‘S e seo a’ chiad uair a fhuair SGG Duais na Gàidhlig.

Chaidh taic leis na geamannan is leis a’ Ghàidhlig chumail ris an tachartas le tosgairean iomain Acadamaidh Dhrochaid an Easbuig agus sgoilearan eile. Taing do Mrs NicLeòid, prìomh thidsear na Gàidhlig agus don cheannard Mgr Donaghy. Fhuairead taic cuideachd o Chamanachd Shrathcheilbhin.

Thachair Cupa Iomain na h-Òige Cheann a Deas na h-Alba mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig agus fhuair an fharpais taic bhon stòras maoinean beaga aig Seachdain na Gàidhlig. Taing mhòr do Joy agus Grant aig Seachdain na Gàidhlig gu h-àraidh.

Tha Iomain Cholmcille agus Cupa Iomain na h-Òige a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha an ath thachartas ann an Àth Tharacaill air Diluain 20 den Mhàrt

————

10 teams from Gaelic-medium primary schools across the central belt made their way to Bishopbriggs Academy for Cupa Iomain na h-Òige Cheann a Deas na h-Alba 2023 on Tuesday 21 February.

The secondary school hosted yet again after a very successful event last year. The event encourages the use of Gaelic and the young players and coaches got plenty opportunity to do so, as every team faced each other. Meadowburn Primary School took four teams and Bun-sgoil Taobh na Pàirce represented Edinburgh.

It was Bun-sgoil Ghleann Dail A who won the Geall-dùbhlain Choille Dobhair trophy for the first time ever with a nailbiting win over fellow undefeated rivals Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A in the last game. However, last year’s champions were not to go home empty handed. They were awarded the Duais na Gàidhlig for excellent Gaelic usage all day long.

The event was supported in terms of running fixtures and speaking Gaelic by Bishopbriggs Academy’s Shinty Ambassadors and other pupils. Many thanks must go to principal teacher of Gaelic, Mrs MacLeod and headteacher, Mr Donaghy. The event was also supported by Strathkelvin Camanachd.

Cupa Iomain na h-Òige Cheann a Deas na h-Alba took place as part of Seachdain na Gàidhlig – World Gaelic Week – and it was assisted by a grant from Seachdain na Gàidhlig’s Small Grants Fund. Thanks to Joy and Grant at Seachdain na Gàidhlig for their support.

Cupa Iomain na h-Òige is supported by Bòrd na Gàidhlig through Iomain Cholmcille. The next event is in Acharacle for schools in Lochaber and Argyll on Monday 20th March.

To buy tickets for this event please visit our events page: 2023 Tulloch Homes Camanachd Cup Final tickets from Skiddle .

Ticket sales powered by Skiddle