Photos are courtesy of An Comunn
Bha latha iongantach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ‘s Cupannan Camanachd a’ Chomuinn Ghàidhealaich gan ruith ann an Rinn Friù mar phàirt de Mhòd Phàislig 2023.
Le Dr Uisdean D’ MacIlleinnein mar a’ chiad Cheann-cinnidh Camanachd aig a’ Mhòd, chaidh an latha a chur gu dol le Geall-dùbhlain Ghlaschu do sgiobaidhean òigridh B7 is fodha.
‘S e Caolas Bhòid a rinn an gnothach an aghaidh Gàidheil Ghlaschu, Obar Dobhair agus Rionnagan Phàislig. Bha Oifigear Leasachaidh Chomann na Camaachd Roddy Young a’ cumail taic.
‘S e Sgìre Ghlaschu a thog Geall-dùbhlain LearnGaelic an aghaidh sgioba Gàidhlig na h-Alba ann an geam bhoireannach a chunnaic dusan air gach taobh. Bhuannaich Glaschu 3-2 le tadhal bho Seonag NicNeacail agus Eimar Ní Gabhain, le Annag NicDhòmhnaill agus Ceana Nic an Tòisich a’ sgoradh do dh’Alba. ‘S e Donna NicCoinnich aig Alba (Camanachd an Eilein) a choisinn Duais an t-Sàr-chluicheadair Iomain Cholmcille.
Bha naoinear sgòrairean fa leth ann an geam a chrìochnaich 5-4 airson Geall-dùbhlain na h-Aghaidh Mhòire ann am farpais nam fear. ‘S e Srath Chura – Dùn Omhain a ghlèidh an duais an aghaidh Oilthigh Ghlaschu, agus 17 bliadhna as dèidh dha tadhal a chuir a choisinn Cupa a’ Mhòid do Shrath Chura mu dheireadh, fhuair Steaphan MacUilleim Duais an t-Sàr-chluicheadair Iomain Cholmcille.
Mu dheireadh fhuair Uisdean tiodhlacan agus moladh mar a’ chiad cheann-cinnidh bho Iomain Cholmcille agus Comataidh Mhòd Phàislig.
Bha trì farpais air leth gan cur air dòigh ann an compàirteachas eadar Iomain Cholmcille, Comann na Camanachd, An Comunn Gàidhealach, OneRen agus Comhairle Shiorrachd Rinn Friù. Air ath-chuairteachadh bho Shrath Ghlais, tha seat tadhail a-nis aig Comhairle Shiorrachd Rinn Friù mar dhìleab.
There was a splendid day of shinty to open the Royal National Mòd with the Mòd Shinty Cups hosted in Renfrew as part of Mòd Phàislig.
With Dr. Hugh Dan MacLennan as the inaugural Mòd Shinty Chieftain, the day got going with the Glasgow Trophy for P7 and under. It was Kyles Athletic who raised the trophy, fighting off Glasgow Gaels, Aberdour and Paisley Allstars. This section was supported by Roddy Young, Camanachd Association development officer.
It was Glaschu, the Glasgow Area Select, who lifted the LearnGaelic Trophy against Alba, the Gaelic speakers select in a 12 a-side women’s game. Joan Nicolson and Eimear Gavan gave Glaschu a 3-2 victory with Annie Macdonald (Ardnamurchan) and Kenna Mackintosh (Inverness) replying for Alba. Alba and Skye Camanachd’s Donna MacKenzie was player of the match.
There were 9 individual scorers in a scintillating Aviemore Trophy match that Strachur-Dunoon won 5-4 v Glasgow University. 17 years after scoring the winning goal to claim the trophy for Strachur, Steven Wilson rolled back the years to win the Iomain Cholmcille player of the match.
Finally, Hugh Dan as inaugural chieftain was presented with a range of gifts and tributes from Iomain Cholmcille and the local Mòd committee.
Three excellent competitions were held thanks to excellent partnership between Iomain Cholmcille, the Camanachd Association, An Comunn Gàidhealaach, OneRen and Renfrewshire Council. Recycled from Strathglass, Renfrewshire Council now have a permanent set of goals as a legacy of the event.